Shop
Uiseagan Bharraigh
Available Options
| Tracks | Price | |
|---|---|---|
| Full Album (CD) | £12.00 | |
| Full Album (Download) | £12.00 | |
| Nì Mhic Ailein, na bì’ n èud rium | £1.00 | |
| Hì iùraibh i hoireann hoireann | £1.00 | |
| Bha mi raoir a' gabhail d' fhradhairc | £1.00 | |
| Sealgair a’ Choilich Bhuidhe | £1.00 | |
| Shuidh mi air creagan a’ chiùil and Gearra bhodaich 's a bheinn duibh | £1.00 | |
| A’ Bhanarach Dhonn | £1.00 | |
| Mhic Iarla nam Bratach Bàna | £1.00 | |
| Dèan suidhe 's gun gabhainn sgeula | £1.00 | |
| Chi mi a’ ghrian 's i falbh gu siùbhlach | £1.00 | |
| A Mhic Iain 'ic Eòghainn Bhàin and Trom hò ro nàilibh | £1.00 | |
| Toiseach na Tràghad | £1.00 | |
| Cumha Hiortach | £1.00 |
Price range: £1.00 through £12.00
I learned the songs on this album from recordings of my mother, traditional singer Flora MacNeil MBE (1928-2015), recorded between 1955 and 1961 by Australian- born folklorist, Dr James Kalokerinos. Flora got the songs from her mother, grandmother, aunt, uncle and others surrounding her as she grew up on the island of Barra in the Western Isles of Scotland.
With support from Creative Scotland, I have been able to digitise the original recordings and to record, along with some of Scotland’s finest musicians, this album of new arrangements of songs from the archive. The assistance from Creative Scotland has also allowed me to develop a show called “The Kalokerinos Tapes”, which pays tribute to my mother and the other tradition bearers who passed on the songs to her, and to make available to the world the archive itself on a dedicated website, see www.floramacneil.com
-Maggie
Lyrics
(Daughter of the Chief of Clan Ranald, do not be jealous of me)
The singer is telling the daughter of the Chief of Clan Ranald that she isn’t after her husband but will praise him nevertheless. She goes on to talk of the various clans who together could support the MacDonalds of Clanranald so that they could rise again.
Lyrics
‘S muladach mi ‘n diugh ‘s mi ‘g éiridh
O ho o lail o
o hi ho ho nailibh
‘S na hò ò lail o
Ni Mhic Ailein na bi ‘n èud rium O ho o lail o…
Cha ‘n ‘eil mi ‘n toir air do chèile
Tha mi teisteil air na dhèigh sin
Rachainn leat tro’ chuan na h-Èireann….
Far an seòladh luingeas ghleusda
Chaidh na Leathanaich tro’ ‘n linnidh
Camaronaich o’n ghormin bhioraich
‘S Domhnullach nach leugh an giorag
Chuireadh Siol Leoid air an uillinn.
Nan druideadh gach eun ri fhine.
Dh’ èireadh na Domhnullaich leinne
(Vocables- pronounced He iùrabhi horrunn horrunn)
The singer laments the death of her sweetheart from Harris who has been lost at sea.
Lyrics
Seisd;
Hì iùraibh i hoireann hoireann
Hì iùraibh I hoireann à
Hì iùraibh i hog is èile,
Leam a b’ èibhinn t’ fhaicinn slàn
Mu ‘n do dh’ fhàg thu tir do dhùchais,
Thug mi cion dhuit agus gràdh ;
B` fhearr leam nach faca mi riamh thu,
Dh’ fhàg thu ann am chliabh am bàs.
Ged nach ‘eil thu ard o’n talamh
Tha thu pearsant air an làr ;
Tha thu bòidheach, direach, dualach,
Mar an luachair suas a’ fàs.
‘S gil’ thu na faoileag a, chladaich,
‘S gil’ thu na ‘n eal’ air an t-snàmh;
‘S gil’ thu na cobhar na tuinne,
‘Nuair a thilleas a mhuir-làn.
A’ direadh beanntan na h-Earradh,
A cromadh le fearann mo ghràidh ;
Tha fear òg a’ tighi‘nn fainear dhomh
‘S gaol mo leannan-s’ air dol bàs.
Nam biodh agam coite bhiorach
‘S seisear ghillean air chul ràmh,
Rachainn a null thar na linne,
Fiach a bheil an gille slàn
(Last night I saw your view)
A Waulking song (type of work song sung while shrinking tweed) telling of the boat coming through the wild sea, bearing strange gifts from far off lands.
Lyrics:
Bha mi a’ raoir, hao rì
A’ gabhail d’ fhradhairc, hao rì
Chunna’ mi lung, o hao rìa a
Dh’ iar ‘san fhadhail, o ho hao
Chunna’ mi lung, o hao rìa a
Dh’ iar ‘san fhadhail, o ho hao
Struth agus gaoth o hao rìa a
Dh’iar ‘na h-aghaidh o ho hao
Struth agus gaoth…
Dh’iar ‘na h-aghaidh…
O hao ri ‘s na
O hao ria a
Ho ro nailibh o ho hao
O nach Buidhe
Dhuits’ a’ Mhaighread
Theid do leannan
Leatsa a margadh
Bheir e dhachaigh
Dheannan ceairbte
Sporran ghunna
nan iall ailmte
O hao ri ‘s na
O hao ria a
Ho ro nailibh o ho hao
(Last 2 verses repeated at end.)
(Hunter of the Yellow Grouse)
A man has a secret fairy sweetheart. His mother is suspicious of his trips up the hills when he says he is going hunting as he never returns with any game. She tells his brothers that it would be better that he was dead than if he has gone over to the fairies (to many, the fairies were evil and to be avoided at all costs). One day his brothers follow him and see him with his fairy lover. When the fairy leaves, they shoot their brother and leave him to die. This is the song the fairy sings on finding his body on the hillside.
Lyrics:
Gura mise tha gu dubhach
Hao ri ‘s na hurabhi hiù o
Mu shealgair a choilich bhuidhe
Hoireann is hurabhi hó hò
Hoireann is hurabhi i hó hi ri u
Hoireann is hurabhi i hó hò.
Chuala mi do ghlaodh ‘sa’ bhruthach, Hao ri….
Ach ma chuala cha d’ chuir umhail Hoireann is….
Gus an cualas guth an fhithich.
Mile mollachd air na bràithrean
Dh’fhàg iad air mo bheulaibh sgàthan
Fuil do chuim’s do bhéil ‘s do bhràghaid
‘S tù ‘nad shineadh air na blàraibh
Mo shealgair a choilich bhuidhe
(I sat on the rock of the music and Small old men on the hill).
The first song is a light-hearted song about a Scotsman, an Irishman and an Englishman approaching and the second is some mouth-music for dancing.
Lyrics:
Shuidh mi air creggan a chuil e ho hi ri ri e ho ri e ho hao ri hiu ru bho
Chunna mi tighinn an truir e ho hi hi iu ru bho ho
Each is gille, gun ‘s cu e ho hi ri ri e ho ri e ho hao ri hiu ru bho
Each is gille, gun ‘s cu e ho hi ….
Mac an Albannaich air thus e ho hi..
Mac an Albannaich air thus
Mac an gille ‘s tocha leum
Mac an gille ‘s tocha leum
Mac an Èireanich mo rùn
Mac an Èireanich mo rùn
Mac an t-Shasanich an cùl
Gearra bhodaich ‘s a bheinn duibh
Gearra bhodaich as a ghleann
Gearra bhodaich ‘s a bheinn duibh
Bodaich dhubha as a ghleann x2
Bodaich dhubha dhubha dhubha
Bodaich dhubha as a ghleann
Bodaich dhubha dhubha dhubha
Bodaich dhubha as a ghleann
Bodaich dhubha dhubha dhubha
Bodaich dhubha as a ghleann
Gearra bhodaich gearra dhubh
Bodaich dhubha as a ghleann
(The brown-haired milkmaid)
This is described and sung here as a milking song, but it is part of a longer love song, composed by Alasdair Mac Mhaighistir Alasdair (Alexander MacDonald), the famous 18th Century Gaelic poet. Some think that the milkmaid he is praising is code for Prince Charles Edward Stewart.
Lyrics:
Seisd; A’ bhanarach dhonn a’ chruidh,
Chaoin a’ chruidh, dhonn a’ chruidh,
Cailin deas donn a’ chruidh,
Cuachag an fhàsaich.
A bhanarach mhìogach
‘S e do ghaol thug fo chìs mi,
‘S math thig làmhainnean sìoda
Air do mhìn-bhasan bàna
Nuair a theid thu don bhuaraich,
Cuach is cuman na buaile,
B’ ao-coltach do ghluasad
Ri guanaig na sràide
‘S mòr bu bhinne bhith ‘d èisteachd
‘N àm bhith bleòghan na sprèidhe
Na ‘n smeòrach sa Chèitein
‘M bàrr gèig ann am fàs-choill
(Son of the Earl of the White banners)
A song in praise of a hero and his ship. Maggie’s mother, Flora, sang this song with Calum Johnston, also from Barra, at the 1951 Edinburgh People’s Festival Ceilidh (an event which is widely regarded as a major catalyst for the Folk Revival of the 1960s) organised by Hamish Henderson. Here, Maggie’s son, Calum, takes the part of Calum Johnston.
Lyrics:
Mhic Iarla nam bratach bàna x3
chunna mi do long air sàile
Seisd;
Hi-illean beag hò il ò ro
hì-illean beag hò il ò ro
hi-illean beag hò il ò ro,
hi o rionn ò hù o èile
Chunna mi do long air sàile x3
bha stiùir òir oirr’ ‘s dà chrann airgid
Bha stiuir oir oirr’ ‘s dà chrann airgid x3
’s cupllichean de shìod’ na Gailbhinn:
’S cuplaichean de shìod’ na Gailbhinn x3
cha b’ann an Glaschu bha e
Cha b’ ann an Glaschu bha e, x3
no ‘n Dùn Bheagain, ‘s beag on làr e;
No ‘n Dùn Bheagain, ‘s beag on làr e, x3
na ‘n Dùn Tuilm nam bratach bàna.
(Sit down and I’ll tell you a story)
The girl sings that the one she loves is marrying the daughter of a man who is “without honour” and who took advantage of her. She goes on to say that he even broke her rosary beads.
Lyrics:
Dean suidhe ‘s gun gabhainn sgeula
Hi ri linn is hog u bho
Air fallamhnachd ac’ an Slèibhte
Hiu na hi ri ri e ho
hi ri e ho o libh o hia a hog u bho
Air fallamhnachd ac’ an Slèibhte ….
Air Domhnall donn laogh mo cheile…
Chuala mi gun d’ rinn e rèiteach
Ri nighean Iarla nam brèid-gheal
Nan cluinninn gum b’ fhior a’ sgeula
Gu de do ghnothach a Cholla
A ‘Coimhead air fear donn gun onair
Chuir mo leaba an cois an doruis
Rinn e sin ’s sgriob e don’ e
Thug e bhuam mo chrios, mo sporran
Bhrist e mo phaidearearain soluist
(I see the sun moving swiftly)
In this lament the singer talks of the sun moving swiftly and setting where her three brothers and her father are lying dead. She sings that even when she tried to give them her own sweet breath and drink their blood, she could not revive them.
Lyrics:
Chì mi ghrian ‘s i falbh gu siùbhlach
Seisd;
É he ho hi e ho, hi ủ ra bhó,
Horo o hi I ồ ho
Hi Na hi ri ri,a ri o
hì u ra bhó
‘S i tighinn timcheall Rubh’ an Duine
Bidh i nochd ann an Glenn Uige
Bidh i ‘n ath-oichdhe’ an ceann Loch Suineart
Och mo chreach, mo spreid ‘s mo spuilleadh
Mo thruir bhràithrean marbh ‘sa chul tigh
‘S fuil an cuim ro leine drudhadh
‘S bha mi fhin le m’ bheul ga sughadh
Gus na thuich air m’ainail chubhraidh
Deagh fhear ‘n taigh’ na laighe ‘san tunga
(Oh, Son of Fair Owen and Vocables pronounced Trowm ho ro nàlliu)
A couple of waulking songs (type of work songs sung while shrinking tweed). The first is a love song for Owen who plays shinty but doesn’t have just an ordinary wooden shinty stick, his is made of gold! The second song tells of a sailor leaving to go Kintail to see his mother’s relations who are good rowers, drinkers and they pay their way.
Lyrics:
A Mhic Iain ‘ic Eòghainn Bhàin
Ó hó hó gu bhó
Hìll ó hóro leathag
Ó hó hó gu bhó
Bu tu ‘n t-iomanaich air tràigh
Caman iubhair a làimh chàich
Caman òir a làimh mo ghràidh
Trom ho ro nàilibh
Bidh mi falbh a’ màireach
Trom ho ro nàilibh
Gu ruige Cinn t-Sàile Trom ho ro nàilibh
Far a bheil mo chàirdean Trom…
Luchd cinnidh mo mhàthair
B’ e siod na fir dhàicheil
Dh’ iomaireach, dh’ òladh phàigheadh
Bidh mi falbh a’ màireach
(Repeat all verses)
(Beginning of the Ebb tide)
The story here is that a man was going to fetch a midwife for his wife who had gone into labour. Unfortunately, he was waiting for the tide to go out so that he could cross over to the place where the midwife stayed and he fell asleep. He missed the low tide, and a fairy woke him up singing this song. She told him that his wife had died in childbirth
Lyrics:
‘S olc an obair aig teachdairean cadal
Hu ru agus hullirinn o ho ro
Bean òg a’ chuil chleachdaich aig baile ga càradh
ho ro ho aig toiseach na tràghad
Bean òg a’ chuil chleachdaich aig baile ga càradh ….
Mairead ni’ Ruairidh, bean uaisl’ an deagh nàdair….
Dhèanadh an t-aodach, ‘s gum bu chaol bhiodh a snàithlean
Ach a Mhurchaidh ic Iain, bu tu cridhe na fèile
Bu tu sealgair nan aighean ‘s an latha ghil ghrèine
Tighinn timcheall na leacain gun leagadh tu treud dhiu
(A St Kildan Lament)
This track starts with Flora MacNeil introducing and singing some traditional birdcall which she learned from her mother. We then move to a widow’s lament for her husband from Soay, St Kilda, who fell off a cliff when out to collect seabirds.
Flora sang this lament in the Royal Festival Hall, London in 1957 at a special event all about St Kilda arranged by the collector and academic from Edinburgh University, Francis Collinson and The National Trust for Scotland
Lyrics:
Gura thall ann an Sòaigh
dh’fhàg mi ‘n t-òganach gleusta
Urradh dhèanadh mo thacar
’s labhairt dhachaigh na sprèidhe
’s labhairt dhachaigh na sprèidhe
Ged a chaidh thu sa chreig ud
cha b’e ‘n t-eagal a lèir thu
’S ann a rinn do chas sraonadh
‘s cha do dh’fhaod thu riamh èirigh x2
Nuair a thainig do mhathair
cha do chairich i ‘m breid oirr’
Nuair a thainig do phiuthar
bha sinn dubhach le cheile x2
Nuair a thainig do bhrathair
cha do chaomhainn e ‘n èigheadh:
Bha sinn dubhach is craiteach
gad amharc an cèin uainn x2
Tha mo chuid-s’ de na h-uighean
aig a’ bhuidhinn as treubhaich’
’S ann thall ann an Sòaigh
dh’fhàg mi n t-oganach gleusta x2
Bha d’fhuil air a’ chloich ud
bha do lot an deidh leumaidh
Bha thu muigh air bhàrr stuaighe
’s muir gad fhuasgladh o chèile x2
Ach bheannachd nan cairdean
‘s lon laidir na feuma
Tha mo chuid-s’ de na h-eunaibh
anns na neulaibh ag èigheach x2
Back to Shop
